Date: Fri, 2 Feb 1996 10:46:13 -0400 From: Murdo Macleod <101356.3717@COMPUSERVE.COM> Subject: Ceilidh ann an Dun-EideannBithidh Ceilidh ann an Dun-Eideann an ath oidhche (Di-Sathurna). Tha fios agaibh nach fhaigh a' mhor chuid agaibh ann. Ach seo blasad de na cluinneas daoine. 'Se oran a th'ann a rinneadh le Bard Baile Leodhasach. B'e Calum MacIllinneinn (Calum Mairead) nach maireann, a sgriobh e. Chaidh a dheanamh eadar 1940 is 1970. Agus am bard a' caoidh mar a bha daoine oga anns an sgire aige fhein a' deanamh. Tha mi dochasach gu bheil an suideachadh air Ghaidhealtachd na h-Alba nas fhearr an diugh - co-dhiu a thaobh am meas a th'aig daoine air an dualchas aca fhein. Tha mi 'n dochas gun cord an t-oran riubh.
Tha m'inntinn trom 's chan ionghadh e Mo chiabhag glas le cor, Mo shùilean 's tric ri lionadh iad Le deuchainnean is bron A' Ghaidhlig choir ri crionadh bhuainn 'Ga tiodhlaigeadh fo'n fhod Tha ar n-oigridh ri cur sios oirre Cha'n 'eil rian aice 'bhi beò Nach cuimhnich sibh na thriall againn 'Ga dhion do'n Chogadh Mhor Tha cuid nach till gu siorruidh dhiubh Is ceudan 'chaidh an leon Nach ann a' dion na Gaidhlig seo A dh'fhag iad Eilean Leodhais Carson a reisd 'bhiodh tair againn Air a' chanain 'bh'aca 'nam beo? Gach linn bha ann bho thainig sinn 'Si a' chanan 'bh'aca 'san ceol Bha 'n comhnuidh aig ar parantan 'Tha samhach 'n diugh fo'n fhod Biodh Goill ri deanamh tair oirre Ach naire cha bhiodh oirnn Biodh sinn le seinn is dain againn Ged 'bhiodh am blar air bord Cha leig mi'leas 'bhi 'g innse dhuibh An ni mu'm bheil mo sgeoil Chi sibh e mas leir dhuibh e Anns an reis 'sam bheil sinn beo Is ged 'tha Mod na Gaidhealtachd Ro fheumail air gach doigh Tha 'Ghaidhlig choir 'bhiodh feumail dhuinn 'Ga treigsinn aig an oig O cuimhnichibh nach treig sibh i Gach Gaidheal a tha 'n diugh beo Cha dean i 'chaoidh ar sarachadh Ach blaths 'tha innte gu leor 'Nuair a bhios sibh anns na fasaichean Fo amhghar neo fo leon Bithidh rann de dh'oran Gaidhlig dhuibh nas fhearr na botul mor Nis duinidh mi an dan tha seo Le aithne do'n oig 'S do gach neach a dh'araicheadh 'An Eilean aluinn Leodhais Seo an dileab a chaidh fhagail dhuibh Le ar cairdean nach eil beo Nach gleidh sibh p-fhein gu sabhailte i Do'n al a thig faidheoidh
This page hosted by Get your own Free Home Page