An Téid Thu Leam A Mhàiri
Le Mr. Iain Munro
Oran Gaoil Eadar Gàidheal Og agus A Leannan
Air Fonn - "Up and war them a' Willie"

Séist An Téid thu leam a Mhàiri,
      'S am falbh thu leam air sàile,
      An téid thu leam air bhàrr nan tonn,
      Gu tìr nan gleann 's nan àrd-bheann.
 
      Le d' chumadh dhealbhach, àillidh,
      Mar dhealradh reult na fàire;
      'S e d' nàdur ciùin do bhàigh 's do mhùirn,
      A leag mo rùn 's mo ghràdh ort.
(séist)

Ise   Cha téid mi leat a Ghàidheil,
      Mo chàirdean gaoil cha 'n fhàg mi,
      Cha téid mi null gu tìrnam beann
      'S cha 'n fhàg mi clann mo mhàthar.
 
      Cha téid mi leat a Ghàidheil,
      Mo dhùth'ch a chaoidh cha'n fhàg mi,
      Gur bochd am fonn, 's tha 'n t-aran gann,
      An tìr nan gleann 's nan àrd-bheann.
 
      Cha téid mi leat a Ghàidheil,
      Cha 'n 'eil do thaigh ach tàireal,
      Bhith'n fo sprochd, nan robh mi bochd,
      An tìr nan cnoc 's nan àrd-bheann.

Esan Tha taigh agam cho àillidh
      Ris 'n taigh 's an d'fhuair thu t-àrach,
      Bith cuan a's fonn ruit fial gach àm
      An tìr nan gleann 's nan àrd-bheann. (séist)
 
      Mur 'eil mór chruinneachd fàs ann
      An tìr nan gleann 's nan àrd-bheann,
      Tha bàrr ni's leòir a's fàs an fheòir,
      An tìr nan lòn 's nan àiridh. (séist)
 
      Tha agam spréidh le 'n àiltean,
      'S mo mheana'-chro' air na h-àirdean
      'S bidh laoigh a's uain air raon a's cluain,
      'S gur taitneach fuaim am bàirich. (séist)
 
      'S mur 'eil mo long air sàile
      Gu saibhreas dheanamh 'n àird dhomh
      Théid bàt' a's lion, gach latha gu rian
      'S bi' agad iasg gu t-àilghios (séist)
An téid thu leam a ghràdhaig
An téid thu leam air sàile
An téid thu leam air bhàrr nan tonn
Gu tìr nan gleann 's nan àrd-bheann. (séist)
 
Bith agad éideadh bhlàth-glan,
A's breacan mìn mu d' bhràighe;
Cha téid thu mach gun ghille 's each,
'S bith h-uile neach riut càirdeil (séist)
 
Bith tu fallain, slàinteil,
Le gaoith a chuain 's nan àrd-bheann,
'S bith eòin na coill' 's nan sliabh gun fhoill,
Le òrain bhinn 'cur fàilt' ort. (séist)
 
Bith mis' riut suilbhar', bhàghaeil,
Mar mhaduinn Shàmhraidh, bhlàth-gheal,
Cha tig ort beud nach dean mo chreuchd,
'O n thug mi gaol thar càch dhuit. (séist)

Ise    Stad a nis a Ghàidheil,
       Ma chrìdh', mo rùn 's mo làmh dhuit,
       Gu'n téid mi null gu tìr nam beann,
       O'n choisinn fonn do dhàn mi.

  In this case, the first verse is sung by the man followed by the chorus. The woman then sings (Ise) until the man (Esan). Though her three verses are not followed by the chorus. The man repeats the chorus after every verse. This continues until the lady capitulates in the last verse.

Thanks to Lorraine MacDonald of Toronto who got these words for me.


Return
This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page
1