Baile Beag Bhethleim

E.T.
Little Town of Bethlehem
A bhaile bhig san d'rugadh Ios',
Cia ciùin a ta do shuain;
Os cionn do thosd 's do shuaimhneis
Na reultan àlainn shuas;
Ach ann ad shràidean cumhang dorch'
Tha 'n sòlas àigh tha buan;
Dòlas is dòchas clann nan daoin'
An seo a' cath gu cruaidh.
 
Oir Iosa, naoidhean Moire chaoimh,
Rugadh a-nochd fo d' chléith,
Is ged a chaidil clann nan daoin'
Bha ainglean naomh air sgéith,
'S bha reultan deàlrach madainn ùir
A' co-sheirm shuas air nèamh,
A' seinn gach glòir do Dhia nan Dùl,
Is sìth do dhaoine sèimh.
 
Cia sàmhach, socair thùirling nuas
Tiodhlac an iongnaidh ghràidh;
Thu Dia compàirt do chloinn a thruais
Dé'n bheannachd bhuain nach tràigh.
Cha chuala cluas a theachd do'n tìr
Ach, dh'aindeoin peacaidh gràidh,
Tha Crìosd mo ghràidh a' teachd gu sìor
Do'n chrìdhe dh'fhosglas dha.
 
A Naoidhein Naoimhe Bhethleheim,
Tùirling a nuas a-ris,
Tilg asainn lot a' pheacaidh bhrèin;
Bi air do bhreith nar crìdh'.
Gun cluinn sinn fonn an aoibhneis àit'
Na h-ainglean chuir an céill;
O thig a-steach, is fan nar measg,
O Rìgh Immaneul.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page 1