From An t-Oranaiche, page 334
Ise - Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, Cha'n 'eil m' air' air sòlas, Mo chul-thaobh ri ceòl gàire Bho'n latha chaidh mo phòsadh Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, Bha m'athair is mo mhàthair 'S mo bhràithrean uile deònach Mo phòsadh ris an t-seann fhear O'n bha mi gann do stòras, Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, 'S e 'n t-òr thug an car asam, 'S e 'n seann fhear rinn mo bhuaireadh, 'S e 'm pòsadh rinn mo shàruch', 'S tha bhlàth sud aair mo ghruaidh-se, Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, 'N uair bhitheas càch 's na bàiltean 'A crathadh an cuid ghùntaibh; Bith'dh mise leis an t-seann fhear A's srann aig air mo chùl-thaobh, Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, Comhairl' oirbhs' a chaileagan, An earail seo na diùltaibh Gun tàir a dhean' air òigh-fhear Ged bhith's a sporan sùmhail, Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, Esan - Ged nach 'eil an òig agam Dheanainn òr a chùinneadh, A's ghleidhinn thu 'd bhean uasal Co math ri fear a' d' dhùthaich, Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, 'N uair dh'éidear le calico Guanagan na tìre, Bith'dh tusa leis an t-seann fhear A's srann aig do ghùn sìoda, Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, 'N uair bhith's mnath'n a' bhaile seo Ri carachd a's ri guaineas; Bith'dh thusa le d' bhanaraich A cuir a chruidh do 'n bhuailidh, Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, Tha naoi bliadhna 'n taice seo O'n a chaiadh sinn còmhladh, Tha'n oighreachd an diugh sàbhailt' A's pàisd' aic' air a glùinean, Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, O thàlaidh mi chadal i, 'S dh'amaisinn air a dùsgadh, 'S tha m' inntinn taingeil toilichte 'S mo sporan air a giùlan. Ho ro, cha'n 'eil cadal orm, |