Séist: Cha tig Mór, mo bhean dhachaidh Cha tig Mór, mo bhean ghaoil Cha tig màthair, mo leanabh Nochd a laigh i ri m' thaobh. 1 Tha mo bhean-sa fo'n ùir-lic 'S i na sì'neadh na suainn', Gun tuigse, gun deighsinn 'S cha'n 'eil leigheas dha m' chàs. 2 Tha na crodh a's an eadraidh 'S iad ri freagairt nan laogh Cha tig Mór o'n Dùn-bheagain, 'S cha fhreagairt i 'n glaodh. 3 Thig bàrr air an iubhar, 'S duilleach air craoibh Thig fràs air an luachar Ach cha ghluais mo bhean ghaoil. 4 Ged a gheibhinn bean uasal 'S daoin' uaisl' air gach taobh 'S mór gum b'fhearr leam Mór agam, A bhith laighe ri m' thaobh. 5 Ged dhèanainn-sa pòsadh Mar bu chòir dhomh nad dhéidh Cha togadh mo chridhe Ri fìdheall nan teud.
Cha Tig Mór From Margaret Kennedy-Fraser's - Songs of the Hebrides Séist: Cha tig Mór mo bhean dachaidh, Cha tig Mór mo bhean ghaoil, Cha tig màthair mo leinibh, Nochd cha laigh i ri m' thaobh 1 Bidh an crodh anns an eadraidh, 'S iad a freagairt nan laogh, 'S bidh mo Mhór-s' an Dùn-bheagain Nochd cha fhreagair i 'n glaodh. 2 'S ged a shiubhlainn a' mhachair, 'S an ceum as fhaide mu thuath, Bean t-aogais cha 'n fhaic mi Ann an clachan nan sluagh. 3 Fàsaidh bàrr air a' chuilionn 'S fàsaidh duilleach air craoibh Fàsaidh fras air an luachair, 'S fada bhuam mo bhean ghaoil.
From Donald Fergusson's book - From the Farthest Hebrides Séist Cha tig Mór, mo bhean dhachaidh, Cha tig Mór, mo bhean ghaoil, Cha tig màthair mo leanamh, Nochd cha laigh i ri m' thaobh. 1 Éisd, mo leanamh, gu samhach, Cuimhnich thusa mar tha, Tha do mhàthair 's a' chlachan 'S ann am achlais dhuit fàs. 2 Tha'n crodh-laoidh anns an eadradh 'S iad a freagairt nan laogh; Tha mo Mhór-sa 'n Dùn-Bheagainn, 'S cha fhreagair i m'ghlaodh. 3 Ged a gheibhinn s'air m'òrdugh, Stoc 'us storas o'n rìgh, B'annsa Mòr a thigh'nn dhachaidh Gu laidhe ri m'thaobh. 4 Fàsaidh bàrr air an fhiuran, Agus duilleach air craoibh; Fàsaidh fràs air an luachair, Ged nach d'fhuair mo bhean-s' aois 5 Ged a dhèanainn fhìn posadh, Mar bu chòir dhomh 'nad dhéigh; O cha togadh mo chridhe Ri na fiodhull nan teud.
The legend (on Uist) is that the song was written by the lady's husband
after burying his wife. His wife's grave had been dug up by grave robbers.
While attempting to take a ring off her finger, she awoke, scaring off the
robbers. She gets up and walks home and hears this song being sung to
their baby by her husband.
Return
This page hosted by Get your own Free Home Page