Chì Mi Na Mór-bheanna
Faclan le Iain Camshron
Séist: O chì, chì mi na mór-bheanna,
O chì, chì mi na còrr-bheanna,
O chì, chì mi na coireachan,
Chì mi na sgòran fo cheò.
1 Chì mi gun dàil an t-àite 's an d'rugadh mi;
Cuirear orm fàilt' 's a' chànain a thuigeas mi,
Gheibh mi ann aoidh agus gràdh 'nuair ruigeam
Nach reicinn air thunnachan òir.
2 Chì mi a' ghrian ann an liath nam flaitheanas,
Chì mi 's an iar a ciar 'n uair laidheas i;
Cha'n ionnan 's mar tha i a ghnàth anns a' bhaile seo
'N deatach a' falach a glòir.
3 Chì mi na coilltean, chì mi ann doireachan;
Chì mi ann maghan bàna is toraiche;
Chì mi na féidh air làr nan coireachan,
Falaicht' an trusgan de cheò.
4 Beanntaichean àrda is àillidh leacainnean,
Sluagh ann an còmhnuidh is còire cleachdainnean;
'S aotrom mo cheum a' leum g'am faicinn,
Us fanaidh mi tacan le deòin.
5 Fàgaidh mi ùpraid, sùrd agus glagarsaich,
Dh'fhaicinn an fhuinn anns an cluinnteadh a' chagarsaich,
Fàgaidh mi cùirtean dùint' agus salach,
A dh' amharc air gleannaibh nam beò.
6 Fàilt' air na gorm mheallaibh tholmach thulachnach,
Fàilt' air na còrr-bheannaibh móra mulanach.
Fàilt' air na coilltean, 'us fàilt' air na h-uile,
O! s' sona bhi fuireach 'nam còir.
The Rankins sing, verses 1, 3 and 4, with Chorus at the start and in between.
Return
This page hosted by
Get your own Free Home Page