Dh'Éirich Mi Moch Madainn Chéitein

Traditional Waulking Song - Oran Luathaidh
Séist
Faill-ill é ill ù ill ó
Hiuraibh ó na hó-ro éile
Faill-ill é ill ù ill ó
 
Dh'éirich mi moch madainn Chèitein
 
Ma 's moch an diugh bu mhuìch' an dé
 
'S binn a' chòisir rinn mi éisdeachd
 
Smeòraichean air bhàrr nan geugan
 
Uiseagan os cionn an t-sléibhe
 
'S bòidhche 'fhiamh 's a' ghrian ag éirigh
 
Madainn chiùin fo dhrùchd nan speuran
 
Bric air linneachan a' leumraich
 
Crodh air àiridhean a' geumraich.
 
Na laoigh bheaga ruaig a chéile.
 
Cailinn donn a' chuailein cheutaich.
 
'S binne beula na ceòl nan teudan.
 
'Dol do'n bhuaile le ceum eutrom--
 
Leanaidh slàinte agus éibhneas
 
Riusan a bhios moch ag éirigh;

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page 1