Mo Rùn Geal Dìleas

Séist: Mo rùn geal dìleas, dìleas
      Mo rùn geal dìleas nach till thu nall?
      Cha till mi fhéin riut, a ghaoil, cha 'n fhaod mi,
      O chòin a ghaoil 's ann tha mise tinn.
 
1  Mo rùn geal dìleas, dìleas
   Mo rùn geal dìleas nach till thu nall?
   Mur till an rìbhinn nodj ,o fp ,jì-fhean,
   'S an crodh 's an dìosgadh 's a bhail' ud thall.
 
2  Is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn
   A shnàmhadh aotrom air bhàrr nan tonn;
   Is bheirinn sgrìobag don eilean Ileach,
   Far bheil an ribhinn dh'fhàg m'inntinn trom.
 
3  Is truagh nach robh mi an riochd na sgliùraich,
   An lub-an-dùnain am measg nan dràchd;
   Is sshnàmhainn aotrom air bhàrr a' chaochain.
   Is dheanainn maorach aig isle tràigh.
 
4  Is truagh nach robh mi 's mo rogha céile,
   Air mullach shléibhte nam beanntan mór,
   'S gun bhi 'gar n-éisdeachd ach eòin an t-sléibhe,
   'S gun tugainn fhéin di na ceudan pòg.
 
5  Is truagh nach robh mi 's mo rogha céile
   Air bhàrr an t-sléibhte a' cuallach àill,
   Sinn as air léine fo sgàil nan geugan,
   Mar Adhamh 's Eubha 's a' ghàradh-chàil.
 
6  Thug mi còrr agus naoi mìosan
   Anns na h-Innsean a b'fhaide thall,
   'S bean bòidhchead t'aodainn cha robh ri fhaotainn.
   'S ged gheibhinn saoghal chan fhanainn ann.
 
7  Bho 'n 's i 'n fhìrinn is còir dhomh ìnnseadh,
   Cha robh mi 'n Innsean an Ear no 'n Iar;
   Ach bean do bhòidhchead o d' bhonn gu d' sgròban,
   Cha 'n fhaca Dòmhnull am measg nan ciad.
 
8  Thug mi mìos ann am fiabhras claoidhte
   Gun dùil rium oidhche gum bithinn beò;
   B'e fàth mo smaointean a là 's a dh'oidhche,
   Gum faighinn faochadh is tu bhi 'm chòir.
 
9  Cha bhi mi strìth ris a' chraoibh nach lùb leam
   Ged chinneach ùbhlan air bhàrr gach géig.
   Mo shoraidh slàn leat ma rinn thu m'fhàgail,
   Cha d'thàinig tràigh gun mhuir làn 'na déigh.
 
10 Cha bhi mi strìth ris a' choille chrionaich
   Ged chinneadh figis air bhàrr gach géig;
   Ach gaoth a d'ghiùran ma thug thu cùl rium,
   Bidh mise stiùradh mo chùrsa féin.
 
11 Is coma leam ged a shil an latha
   Is coma leam ged a laigh' a' ghrian
   'S ceart coma leam ged a robh mo leaba
   Gu fada, fada, 's an àirde 'n Iar.
 
12 Is coma leam ged a shéid a' ghailleann,
   'S ged reub i 'n t-adhar 'na leathrach-iall,
   Is miosa chùis nach 'eil greim am splùcan
   Is cnuimh am chùlaig 'g am chur á m'chiall.

The Rankins order is Chorus, Chorus, second verse, Chorus, fourth verse, Chorus, then the ninth verse, Chorus, an English bridge and the Chorus three times. This song is the one the Rankins do the worst, with mis-pronunciations, etc.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page 1