O Thigibh, A Chaomh-Shluagh

E.T.
O Come All Ye Faithful
O thigibh, a chaomh-shluagh,
Togarrach is aoibhneach,
O thigibh, O thigibh gu Bethlehem.
Thigibh is chì sibh
An naoidhean, Rìgh nan ainglean;
 
Séist
O thugamaid dhà adhradh,
O thugamaid dhà adhradh,
O thugamaid dhà adhradh,
Rìgh na Glòir.
 
Fìor Dhia, O fhìor Dhia,
Soills' on t-Soillse shìorraidh;
Cha bu nì ro shuarach leis a bhreith le Oigh:
Mac an Athar shìorraidh
Ginte, chan ann dèante;
 
O ainglean na glòrach,
Seinnibh caithream-buaidh dhà,
A' lìonadh nan Nèamh le fuaim ur cruitean òir.
Glòir agus moladh
Biodh do Dhia sna h-àrdaibh;
 
O fàilte do'n Tighearna
Rugadh gus ar saoradh;
Dhad Ainm-sa ro uasal gu robh cliù gu bràth.
Facal an Athar
Nis air teachd 'san daonndachd;

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page 1