Fear a' Bhàta

Sìne NicFhionnlaigh
Séist
Fhir a' bhàta, na hó-ro éi-le
Fhir a' bhàta, na hó-ro éi-le
Fhir a' bhàta, na hó-ro éi-le
Mo shoraidh slàn dhuit's gach àit' an téid thu!
 
'S tric mi sealltuinn o'n chnoc a's àirde,
Dh'fheuch am faic mi fear a'bhàta;
An tig thu 'n diugh, no 'n tig thu màireach
'S mar tig thu idir, gur truagh a tà mi.
 
Tha mo chrìdhe-sa briste, brùite;
S'tric na deòir a'ruidh o m' shùilean;
An tig thu'n nochd, na 'm bi mo dhùil riut,
Na 'n dùin mi 'n dorus, le osna thùrsaich?
 
'S tric mi foighneachd de luchd 'nam bàta,
Am faic iad thu, na 'm bheil thu sàbhailt;
Ach 's ann a tha gach aon diubh 'g ràitinn,
Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhuit.
 
Gheall mo leannan domh gun do 'n t-sìoda,
Gheall e sud agus breacan rìomhach;
Fainn' òir anns am faicinn 'ìomhaigh;
Ach 's eagal leam gun dean e dì-chuimhn'.
 
Cha'n eil baile beag 's am bì thu,
Nach tàmh thu greis ann, a chur do sgios dhiot;
Bheir thu làmh air do leabhar rìomhach,
A ghabhail dhuanag 's a bhuaireadh nionag.
 
Ged a thuirt iad gun robh thu aotrom,
Cha do lughdaich sud mo ghaol ort;
Bidh tu m' aisling anns an oidhche,
'Us anns a' mhadainn bidh mi 'gad fhoighneachd.
 
Thug mi gaol dhut, 's cha'n fhaod mi àicheadh;
Cha ghaol bliadhna, 's cha ghaol ràidhe;
Ach gaol a thòisich 'n uair bha mi m'phàisdein,
'S nach searg a chaoidh, gus an claoidh am bàs mi.
 
Tha mo chàirdean gu tric ag ìnnseadh,
Gum feum mi d'aogas a leig' air dì-chuimhn';
Ach tha 'n comhairle dhomh cho diamhain;
'S bhi tilleadh mara 's i tabhairt lionaidh.
 
Tha mo chriosan air dol an airde,
Cha'n ann bho fhidhleir, na bho chlàrsair;
Ach bho stiùireadair a bhàta--
'S mur tig thu dhachaigh, gur truagh mar tha mi.
 
Bi'dh mi tuille tùrsach, déurach,
Mar eala bhàn 's i an déighs a réubadh;
Guileag bàis aic' air lochan féurach,
'Us cach gu léir an déis a tréigeadh.

The song "Fear a' bhàta" mentioned in this text and usually given as "traditional" was composed in the late 18th Century by Jane Finlayson of Tong, Lewis for a young Uig fisherman, Donald MacRae. The part of this story which is rarely told is that they married each other sometime after she wrote the song.
 
The song appears in The Scottish Gael by James Logan, first published 1876. See also Derick Thompson's "An introduction to Gaelic poetry", P62-63


 
Return
 
This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page 1