Séist: Ho ro hu a hu ill eo
Hi ri liu hill eo
Hi ri liu hill eo
2 Mac mo Rìgh-sa 'dol gu fairge
3 Deanamh deas gu tighinn a dh'Alba
4 Air long mhór air bhàrr na fairge
5 Air long mhór nan trì chrann airgid
6 Sreangannan dha'n t-sìoda Fhrangach
7 Ulagan òir air gach ceann dhiubh
8 Nuair thig mac mo Rìgh gu fearann
9 A' cur fàilt' air Mac 'ic Ailein
10 'S air Mac Dhòmhnaill Mhór na Ceapaich
11 'S air Mac Dhòmhnaill Dhuibh Loch Abar
12 Nuair thig mac mo Rìgh-sa dhachaidh
13 Cha b'e biadh dha breachdan teine
14 Ach bacastair gu deanamh arain
15 Teàrlach òg nan gorm shùil meallach
16 Fàilte, fàilte, mùirn is cliù dhut
17 Fìdhleireachd is rogha ciùil dhut
18 Có sheinneas an fhìdeag airgid?
19 Có chanadh nach seinninn fhìn i?
Séist: Ho ro hu a hu ill eo
Hi ri liu hill eo
Hi ri liu hill eo
2 Mac mo Rìgh air tighinn a dh'Alba
3 Air luing mhóir thar na fairge
4 Air luing rìomhaich 'nam ball airgid
5 Le stiùir òir is dà chrann airgid
6 'S cupaill oirr' de shiod na Gailbhein
7 Ulagan òir air gach ceann dith
8 Nàile 's e mo chion 's mo shealladh
9 Teàrlach òg nan gorm shiùil mealladh
10 Hi ri iu o Rìgh mo dhuthcha
11 Fàilte, fàilte mùirn is cliù dhuit
12 Fìdhleirachd is rògha ciùil dhuit
13 Clarsach ghrinn 's i binn 'ga dùsgadh
14 Pìob 's an nuallan air an urlar
15 Claidhean lasrach air an rùsgadh
16 Nàile, nàile long thar fairge
17 Có a sheinneas an fhìdeag airgid
18 Mac mo Rìgh air tìr an Alba
This page hosted by Get your own Free Home Page