Miorbhail Gràis

O Miorbhail gràis! nach breagh' an ceòl;
'S e lorg mi 's mi air chall,
Air seachdran dorch', gun neart, gun treòir,
'S a dh'fhosgail sùilean dall.
 
'S e gràs thug eòlas dhomh air m'fheum;
'S e gràs thug saors' is sìth;
'S cha cheannaicheadh òr a' chruinne-chè
Chiad là bha fios nam chrìdh'.
 
Tro iomadh cunnart 's trioblaid chruaidh
Thug E gu sàbhailt mi.
An gràs a shaor bhon bhàs le buaidh
Chan fhàg 's cha trèig gu sìor.
 
San dachaigh bhuan gun uair gun tìm,
'S deich mìle bliadhn' mar là,
Cha sguir an ceòl 's chan fhàs iad sgìth
A' seinn a chaoidh mun ghràs.
 
 
Another version...
 

Feuch, dh'éirich solus air na slòigh
Bha comhnaidh 'n duibhre bàis;
Is air an t-sluagh a bha fo sgàil
Nis dhealraich Grian nan gràs.
 
Ad ionnsaigh-sa a Ghrian an àigh
Le fàilte thig gach sluagh
'S iad aoibhinn mar luchd-buain o'n fhaich
'S am foghar taisgte suas
 
Feuch dhuinne rugadh Mac an àigh;
Fhuair sinn Slànaighear treun:
Gach treubh air thalamh géillidh dha
Is aingle nèimh gu léir.
 
Prionnsa na slìochaint canar ris
'S e 'n Tì tha glic is treun;
Le ceartas riaghlaidh e gach sluagh
O chathair shuas air nèamh.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page 1