Email me at af221@chebucto.ns.ca
Last modified:
June 17, 2000
Séist Bheir mi o hu o Bheir mi o hu o hi Bheir mi o hu o ho 'S mi fo bhròn 's tu 'gam dhith 1 'S iomadh oidhche fliuch 'us fuar Ghabh mi cuairt 'us mi leam fhìn Gus an d' ràinig mise 'n t-àit' Far an robh gràdh geal mo chridh' 2 Dheanainn treabhadh dhuit 'us buan Chumainn suas thu gun dìth Bheirinn as a ghreabhal chruaidh Do mo luaidh teachd-an-tìr. 3 Ged nach 'eil sinn fhathast pòsd Tha mi 'n dòchas gum bi Fhad 's a mhaireas mo dhà dhòrn Cha bhi lon oirnn a dhìth. |
Bheir mi o hu o Bheir mi o hu o hi Bheir mi o hu o ho I am sorrowful without your company. Many nights wet and cold I took a trip all by myself Until I reached the place Where was my heart's fair love. I would plough and reap for you I would keep you unfailingly I would like to take from the hard gravel. A livelihood for my love. Although we are not yet married, I hope we will be, As long as I have my two hands We will want for nothing. |
1 'S iomadh oidhche, fliuch is fuar Ghabh mi cuairt is mi leam fhéin, Gus an d'ràinig mi 'n t-àit' Far an robh gràdh geal mo chridhe. 2 'Na mo chlarsach cha robh ceòl, 'Na mo mheoirean cha robh àgh, Rinn do phògsa mo leon, Fhuair mi Eolas air dàin. |
3 Fada siar air aghaidh cuain, 'S e mo chuansa Cruit mo Chridhe, Guth mo luaidh anns gach stuaidh 'Ga mo nuallan tu tìr. 4 Gur tu m' òige is mo rùn, Mo reiùil thu anns an oidhch', Tha mo dhrùidheachd ad shùil, Tha mo chiurradh ad loinn. |
Séist Bheir mi o hu o ho Bheir mi o hu o hi Bheir mi o hu o ho 'S mi fo bhron 's tu gam dhìth 2 Dheanainn treabhadh dhuit 'us buan Chumainn suas thu gun dìth Bheirinn as a ghreabhal chruaidh Do mo luaidh teachd-an-tìr. |
3 Ged nach 'eil sinn fhathast pòsd Tha mi 'n dòchas gum bi Fhad 's a mhaireas mo dhà dhòrn Cha bhi lon oirnn a dhìth. 4 Dh'fhàg thu silteach mo shùil Dh'fhàg thu tùrsach mo chridh' Dh'fhàg thu tana-glas mo shnuadh 'S thug thu ghruag bhàrr mo chinn |