Éisd san iarmailt òran binn: Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh; Sìth air thalamh 's tròcair shèimh, Dia is daoine rèidh ri chèil'. Duisgibh suas, a shluaigh, gu lèir, 'S freagraibh caithream buaidh nan speur; Togadh talamh 's Nèamh an guth: Rugadh Iosa Crìosd an diugh. Séist: Éisd san iarmailt òran binn: Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh. Crìosd, dhan toir na Nèamhan cliù, Crìosda, Tighearna mór nan Dùl Seall e tighinn aig crìoch nan linn, Mac na h-òigh 's e bàidheil rinn. Seall an diadhachd anns an fheòil, Sgàil na daonnachd air a ghlòir: Ghabh e tlachd an comann dhaoin', Iosa, ar Imanuel caomh. Fàilt' do Phrìonns' na sìth on àird! Fàilt' do sholas Grian an àigh! Bheir e beatha do gach aon, Slàint' fo sgèith do chlann nan daoin'; Chuir e uaith' a ghlòir le gràdh Gus ar dìon bho chumhachd bàis; Togar leis-san daoine suas, 'S nì e iad nan gineal nuadh. |
This page hosted by Get your own Free Home Page