|
1 Seinn an duan so dhan Innis Àigh, An innis uaine as gile tràigh; Bidh sian air uairean, A' bagairt cruaidh rith', Ach 's e mo luaidh-sa bhi ann a' tàmh. 2 C' àit' an tràith' an tig samhradh caomh? C' àit' an tràith' a' thig blàth air craobh? C' àit' as bòidhche, 'S an seinn an smeòrach Air bhàrr nan ògan 's an Innis Àigh? 3 Tiugainn leam-sa chun na tràigh', 'S an fheasgar chiùin-ghil aig ám an làin, 'S chì thu'm bòidhchead, 'S an liuthad seòrsa Dé dh'eòin tha còmhnuidh an Innis Àigh. |
4 An t-iasg as fiachaile, dlùth do'n tràigh', Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh, Bidh gillean easgaidh, Le dorgh is lìontan Moch, moch 'g a iarraidh mu Innis Àigh. 5 'S ged théid mi cuairt chun an taoibh ud thall, 'S mi'n dùil air uairibh gu fan mi ann, Tha tàladh uaigneach, Le teas nach fuaraich 'G a m'tharuing buan do'n Innis Àigh. 6 O, 's gearr an ùine gu'n teirig latha;, Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh, Mo chadal buan-sa, Bidh e cho suaimhneach, Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh. |
|
1 Seinn an duan seo do 'n Innis Àigh, An innis uaine as gile tràigh; Bidh sian air uairibh, Ag cath gu cruaidh ris, Ach 's e mo luaidh a bhith ann a' tàmh. 2 C'àit' an tràith' an tig samhradh cùin? C'àit' an tràith' a' thig blàth air craoibh? C'àit' as bòidhche, An seinn an smeòrach Air bhàrr nan ògan? 'San Innis Àigh? 3 Rogh' na h-ianlaith e thar gach àit', Tha gach sion ann gu'm miann a ghnàth; Air teachd do 'n t-samhradh, 'S e leotha 's annsa Nuair thig an t-ám a bhith ris an àl. 4 Tiugainn leam-sa a thun na tràigh', 'S an fheasgar chiùin-ghil aig isle làin, Is chì thu'm bòidhchead, 'S an liuthad seòrsa De dh'eòin tha còmhnuidh an Innis Àigh. |
5 A' ghrian ag éirigh 's a' mhaduinn chiar, A' dearrsadh éibhneis 'n a ceum do 'n Iar, Le gathan blàthmhor, 'S le boillsgeadh àghmhor, Bidh a ciad fàilt' air an Innis Àigh. 6 An t-iasg as fiachaile, dlùth d' an tràigh, Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh, Bidh gillean iasgaidh, Le drogha 's lìontan Moch, moch 'g a iarraidh mu Innis Àigh. 7 Nuair bhios na cuantan fo luasgadh trom 'S mi 'n duil air uairibh gu'm fan mi ann, An long a' dìosgan Fo chruas a deuchainn 'Gam tharruing buan d' on Innis Àigh. 8 'S ged théid mi cuairt chun an taoibh ud thall, 'S mi'n dùil air uairibh gu fan mi ann, Tha tàladh uaigneach, Le teas nach fuaraich 'G am tharruing buan do'n Innis Àigh. |
9 O, 's gearr an ùine gu'n teirig latha, Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh. Mo chadal buan-sa, Bidh e cho suaimhneach Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh. |