Moladh Na Lanndaidh
Séist Hò ro Eileinich ho gù,
Hò i rithil ho i thù,
Hò ro Eileinich ho gù,
Gu bheil mò Rùn 's an Lanndaidh.
1 Chì mi thall ud an Aird-mhór,
Aite 'choilich dhuibh 's a' gheòidh;
Ait' mo chridhe 's mo ghaoil,
'S an robh mi aotrom, ainmeil.
2 'S ged tha'n Lanndaidh creagach, ciar,
'S moch a dh'éireas oirre ghrian;
Innis 'nam ba-laoigh 's 'nam fiadh,
'S gu 'm b'e mo mhiann bhi thall ann!
3 'S 'n uair a dh'éirinn moch 's an àird,
Bheirinn sgrìob do cheann an t-sàil'--
Bhiodh na lachan air an t-snàmh,
'S cha b'fhad' am bàs o m' laimh-sa
3 'S tric a leag mi air a' bhruaich
Earba ghlas a' mhuineil ruaidh;
Bhiodh an liath-chearc leam a nuas,
A's coileach ruadh an dranndain.
4 'S tric a leag mi air a thaobh
An ròn ballach anns a' Chaoil,--
Eala bhàn a' mhuineil chaoil,
A's coileach fraoich 'nam beanntan.
5 'S 'nuair a shuidheamaid mu 'n bhòrd
Cha b' e'm buideal beag ar leòir,
Ach tosgaid do'n fhìon dhearg ar còir,
A' tigh'nn á stòr na Frainge.
6 O, mo ghaol air Ile an fheòir,
Far an d'fhuair mi m'àrach òg;
Far am bheil na h-uaislean còr,
Bu toigh leò ceòl a's dannsadh!
7 'S 'n uair a dh'éirinn moch 's an àird,
BHeirinn sgrìob do cheann an t-sàil'--
Bhiodh na lachan air an t-snàmh,
'S cha b'fhad' am bàs o m'laimh-sa.
Return
This page hosted by
|
Get your own Free Home Page