Leanabh An Àigh

Faclan le Màiri Dhòmhnallach
From an old Gaelic air - Bun Esan

Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig do'n fhàsach, dh'fhuiling 'n ar n-àite -
Son' iad an àireamh bhitheas dhà dlùth!
 
Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geàrr gus am falbh iad, 's fasaidh iad anfhann,
An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.
Cha b'ionann 's an t-Uan thàinig gur fuasgladh-
Iriosal, stuama ghluais e'n tùs;
E naomh gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh,
Dh'èirich e suas le buaidh o ùir.
 
Leanabh an àigh, mar dh'aithris na fàidhean;
'S na h-àinglean àrd', b'e miann an sùl;
S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dhà -
Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.

Sgrìobh Màiri Dhòmhnallach [1817-1890] an t-òran "Leanabh an àigh". Tha mi a' smaoineachadh gur ann an t-Eilean Sgitheanach
a rugadh i. Tha mi a' creidsinn gun do sgrìobh i an fhonn, agus cha eil teagamh gun do sgrìobh i na faclan.
Later this same tune was used for the song Morning Has Broken, which has three Gaelic versions.

 

Tha mhaduinn air briseadh

Tha 'mhaduinn air briseadh,
Mar a' chiad mhadainn,
Tha 'n lon dubh air bruidhinn,
Mar a' chiad eun,
Cliù do an ceileir,
Cliù do an mhadainn,
Cliù dhaibh bhi tighinn,
Gu h-ùr bho'n uan.
 
Mar thuiteam na ciad dealt,
Air a' chiad neònain,
'S caomh tuiteam na h-ùr fhrois,
Grian shoillsicht' o'n speur.
Cliù 'r son a' ghàrraidh,
Tha cùbhraidh fo'n uisge,
Air éirigh 'na lánachd,
Far an stiùir E a cheum.
 
'S leam soillse na gréine,
'S leam briseadh na maidne,
'Bha ri fhaicinn a Eden,
A' mireadh an àird.
Moladh le iolach,
Moladh gach madainn,
Dia bhi'g ath-chruthachadh,
Dhuinn gach ùr là.

Madainn th'air éirigh

Madainn th'air éirigh
ar a' cheud mhadainn,
Lòn-dubh ag éigheach
Mar a' cheud eun.
Taing airson ceòlraidh
Is solas na maidne;
Taing son gach aon nì
Thig bho ar Dia.
 
Milis an ùr-fhras,
'Deàrrsadh sna speuran,
Mar an driùchd cùbhraidh
Air an fheur ùr;
Taing airson mìlseachd,
Dealtachd a' ghàrraidh,
'G éirigh mar spìosraidh
Far an téid Thu.
 
Solas na grèine,
Solas na maidne,
'S Leam-sa gach solas
Bho thoiseach an t-saogh'il;
Seinnibh le aoibhneas,
Molaidh gach madainn;
Dia ag ath-ghintinn
Gach latha as ùr.

Solas na Grèine

Solas na grèine,
Madainn na glòrach,
Ceòlraidh an t-slèibhe
Caithream do'n là;
Molamaid ceòlraidh,
Molamaid bòidhchead,
Molamaid dòchas
Facal A ghràis.
 
Uisgeachan mìne
Tuiteam bho Nèamh mar
Thuirling an driùchd
Thug toiseach air fàs;
Milis am mìnead,
Maiseach an dìthean
Dh'éirich gun strì
An làrach A shàil.
 
Solas na grèine
Madainn na glòrach
Dhealraich air Eden
Dealrachadh oirnn;
Moladh le èibhneas,
Moladh ag éirigh,
Cruthaidheachd Dhè
Air madainn gach là.


Murray on Saltspring | Morning Has Broken | 27-Nov-98
 
As a hymn-tune, it's usually called "Bunessan", to be found in hymn books to the words of a carol, "Child in the Manger". My hymn book says the "Gaelic Melody" is "arranged by David Evans, 1874-1948". The words are a translation by Lachlan MacBean (1853-1931) of a Gaelic hymn by Mary MacDonald (1817-1890 or so), to be found in MacBean's "Songs and Hymns of the Scottish Highlands" (1888), 24, where we're told M.MacD. was from Mull; Gaelic designation Mairi Dhughallach, bean Neil Dhòmhnullaich ann an Ard Tunna. Her hymn is called (and begins) "Leanabh an Àigh".

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page 1