Séist E mo leannan, o mo leannan, 'S e mo leannan am fear ùr, E mo leannan, o mo leannan. 1 Dh'éirich mise moch 's a' mhaduinn, Braigh na h-aibhne gabh mi null 2 Co thachair rium ach mo leannan, Culaidh air do'n fhasan ùr 3 'S e mo leannan am fear lurach, Rachadh an àird a' bhàrr nan siùil. 4 'S e mo leannan saor na locair, Dheanamh fortan le sàbh dhuirn. 5 'S e mo leannan mac a' ghobha, Dheanamh fòghail leis na h-ùird. 6 Tha mo leannan aig a' chladach, E ri sailleadh sgadan ùr. 7 Bithidh a leannan aig gach leannan, Bithidh thusa agamsa co diubh. 8 Galar nì 's mios' na' n déideadh, Air an té thug bhuam mo rùn 9 Bùcuill anns a' bhrògan àrda, Tuitidh na sàiltean sin dhiubh. |
The Rankins sing in this order: Chorus, Vs 6, Chorus, Vs 2, Chorus, Vs 1, Chorus, repeating the last line of the chorus twice, and then into Faill Ill O.