Mo Ghradh-sa Tha I Mar An Ròs
E.T. Le Roderick MacDonald
Mo ghradh-sa tha i mar an ròs
'S an Og-mhios thig fo bhlàth
Neo mar an ceòl as bòidhche fonn
Is òrain binn 'nam bàrd;
Gur h-eireachdail do phearsa, ghaoil,
Gur domhainn dut mo ghràdh,
'S gu sìorraidh chaoidh cha trèig mi thu,
Fhad 's a bhios muir air tràigh.
Fhad 's a bhios muir air tràigh, a ghaoil,
'S nach leagh a' chreag 's a' ghrèin,
Gun seas mi daingeann dut, mo ghaol,
Ri fad mo latha 's mo rèis.
Slàn leat-s' an dràsd' 's a bheil mo mhùirn,
Slàn gus an till mi rìs ---
Is pillidh mise riut, a rùin,
Ged robh e mìltean mhìl.
This is the Gaelic version of "My Love is Like a red, red rose". Note that
in this translation, they have it as; "My love, SHE is like the rose".
Return
This page hosted by
Get your own Free Home Page