Fada Cian Ann an Stàball

E.T. Dòmhnall Dòmhnallach
Away in the Manger
Fada cian ann an stàball, gun leabaidh gun tàmh,
Tha Iosa na shìneadh gun tuar air an làr;
Tha na reultan 's na Nèamhan a' sealltainn a-nuas
Air an leanabh bheag bhìodach cho dìblidh 's cho fuar.
 
Tha'n crodh le 'n cuid geumraich ga dhùsgadh à suain,
Ach Iosa na éiginn, cha chaoin e 's cha ghluais.
Mo ghaoil ortsa, Iosa! O seall orm a-nuas
Is fuirich ri m' thaobh gu 'n tig madainn mu 'n cuairt.
 
Fan dlùth dhomh, Thighearn' Iosa, na fàg mi ri m' bheò,
Ri m' thaobh a' toirt gaoil dhomh gus am fàg mi an deò;
Beannaich clann bheag an t-saoghail fo d' chùram 's fo d' threòir,
Los gu meal sinn do naomhachd 'nad rìoghachd 's na neòil.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page 1