Seall thall tighinn bho'n ear le sealladh bho Nèamh, Tha daoine nan cabhaig a' leantainn na rèilt; San stàball le leanabh tha Moire cho sèimh Am prasaich, gun dhearain, gràdh Dhè dhuinn. Séist O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch', Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir; Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir, Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh. Thàinig ainglean gu talamh le moladh is seinn, Air mòintich gach cìobair le chaoraich am faing; Theich cadal is leum iad, le aoibhneas toirt taing, Is ruith iad nan deann chun an stàbaill. Cha sguir ainglean a chaoidh a' moladh a ghràidh, San reult bidh soillse a dh'oidhche 's a là; Bidh'm fonn ud nan cluasan 's nan crìdhe gu bràth Am prasaich, san stàball, gràdh Dhè dhuinn. |
This page hosted by Get your own Free Home Page