Air bhith do bhuachaillean le chéil' A' faire treud 'san oidhch', Thaisbeanadh aingeal daibh o nèamh 'S am magh lìon e le soills. Bu mhór an oillt ach thuirt e riu Na gabhaibh geilt no sgàth Oir sgeul ro-ait tha agam dhuibh Is do gach linn gu bràth. 'N diugh rugadh dhuibh am baile 'n rìgh An Slànaighear, eadhon Criosd Feuch cluinnibh uam-sa comharradh Le'm mothaich sibh gu fìor. An naoidhean nèamhaidh gheibh sibh 'n sin Follais do shùilean dhaoin, 'S e paisgt an trusgan an-uasal 'S na laigh am prasaich fhaoin. Labhair an Seraph seo, 's air ball Bha 'm magh de ainglean làn A' seinn gu binn do Dhia na sìth 'S b' e seo bu bhrìgh d'an dàn. 'Gach glòir do Dhia 's na nèamhan shuas Sìth bhuan air thalamh tà; Noch Dia dheagh-thoil do'n chinne daoin 'S cha traoigh am feasd a ghràdh." |