Taladh Chriosda

Christ Child's Lullaby
1
Mo ghaol, mo ghràdh is m'eudail Thu!
M'ionntas ùr is m'èibhneas Thu!
Mo mhacan àlainn, ceutach Thu!
Chan fhiù mi fhéin a bhith ad dhàil.
 
Sèist
A-le-lùia.
A-le-lùia.
A-le-lùia.
A-le-lùia.
 
2
Ge mór an t-adhbhar cliù dhomh e,
'S mór an t-adhbhar cùraim e,
'S mór an t-adhbhar ùmhlachd e -
Rìgh nan Dùl bhith am làimh.
 
3
Ged as leanabh dìblidh Thu,
Cinnteach 's Rìgh nan Rìghrean Thu;
'S Tu'n t-òighre dligheach, fìrinneach
Air rìoghachd Dhè nan gràs.
 
4
Ged as Rìgh na Glòrach Thu,
Dhiùlt iad an taigh-òsda dhut,
Ach chualas ainglean sòlasach
Toirt glòir don Tì as àird'.
 
5
Bu mhór sòlas agus iongnadh
Buachaillean bochda nan caorach
'N uair chual' iad na h-ainglean ag glaodhaich,
"Thàinig Slànaighear chun an t-saogh'il."
 
6
B'e sin an ceòl 's an naidheachd àghmhor
Sheinn na h-ainglean anns na h-àrdaibh,
Ag innse gun d'rugadh slàn'ghear
Am Bethlehèm am baile Dhaibhidh.
 
7
B'e sin sgeula binn nam beannachd
Mun aoigh rinn teàrnadh gu talamh;
Chan iongnadh mi bhith mùirneach, geanail
Is gile na ghrian mo leanabh.
 
8
Dh'fhoillsich reulta dha na Rìghrean,
Lean iad i mar iùil gu dìleas;
Fhuair iad ann am achlais fhìn Thu,
Is rinn iad ùmhlachd dhut gu làr.
 
9
Thairg iad òr dhut, mirr is tùis;
Thug iad adhradh dhut is cliù -
B'e turas an àigh don triùir
Thàinig a shealltainn mo rùin.
 
10
On a dh'innis aingeal Dè dhuinn
Gu robh'n fhoill an cridhe Hèroid,
Dh'fhalbh sinne leat don Eiphit,
Ga sheachnadh mun dèante beud ort.
 
11
O Hèroid a' chridhe chruaidh,
Cha choisinn d'innleachd dhut buaidh -
'S lìonmhor màthair dh'fhàg thu truagh
Gu dian an tòir air bàs mo luaidh.
 
12
'S fhada, 's fhada bho Iudea
Tèarainte bho d'chlaidheamh geur E.
Measg nam mac cha d'fhuair thu fhéin E.
'S fallain, slàn Thu, 's fàth dhomh èibhneas.
 
13
Dh'aindeoin do mhì-rùin is d'fharmaid,
Bidh mo Mhac-sa cliùteach, ainmeil,
Cha chuir E ùidh an òr no 'n airgead -
A rìoghachd cha rìoghachd thalmhaidh.
 
14
Gur galach, brònach, tùrsach iad
An dràsd' ann an Ierusalem,
A' caoidh nam macan ùra sin -
'S b'e 'n diùbhail 'n cur gu bàs.
15
Tha Ràchel an-diugh fo bhròn
A' caoidh a pàisdean àlainn, òg;
'S frasach air a gruaidh na deòir
Bho nach eil iad aice beò.
 
16
Tha mi 'g altram Rìgh na mòrachd!
'S mise màthair Dhè na Glòrach!
Nach buidhe, nach sona dhòmhsa!
Tha mo chridhe làn de shòlas!
 
17
Thàinig, thàinig am Messiah:
Fhuair na fàidhean uile 'n guidhe;
'S fhada bhon b'àill leo Thu ghighinn -
'S àlainn Thu air mo ruighe.
 
18
A ghnothach gu talamh cha b'fhaoin e -
Cheannach sàbhaladh chloinn-daoine:
'S E am Fear-rèite 's am Fear-saoraidh,
Is E;n Slàn'ghear gràdhach, caomh E.
 
19
Ciamar a dh'éirich dhòmhsa
Measg an t-sluaigh a bhith cho sònraicht'?
'S e toil is cumhachd Rìgh na Glòrach
Mac bhith agam ged as òigh mi.
 
20
Is mise fhuair an ulaidh phrìseil,
Uiseil, uasal, luachmhor, fhìnealt':
'N-diugh cha dual domh bhith fo mhì-ghean
Is coltach ri bruadar an fhìrinn.
 
21
Cha thuig ainglean naomh' no daoine
Gu là deireannach an t-saoghail
Meud do thròcair is do ghaoil-sa
Tighinn a ghabhail colainn daonnda.
 
22
Bheir mi miladh, bheir mi adhradh,
Bheir mi cliù dhut, bheir mi gaol dhut;
Tha thu agam air mo ghaoirdean -
'S mi tha sona thar chloinn-daoine.
 
23
Mo ghaol an t-sùil a sheallas tlàth!
Mo ghaol an chridhe tha lìont' le gràdh!
Ged as leanabh Thu gun chàil,
Is lìonmhor buaidh tha ort a' fàs.
 
24
M'ulaidh, m'aighear is mo luaidh Thu!
Rùn is gaol is gràdh an t-sluaigh Thu!
'S Tus' an Tì a bheir dhaibh fuasgladh
Bho chuibhreach an nàmhaid uaibhrich.
 
25
'S Tu Rìgh nan Rìgh, 's Tu Naomh nan Naomh;
Dia am Mac Thu, 's sìorraidh d'aois;
'S Tu mo Dhia 's mo leanabh caomh;
'S Tu Ard-cheann-feadhna chinne-daonnd'.
 
26
'S Tusa grian gheal an dòchais
Chuireas dorchadas air fògairt;
Bheir Thu clann-daoin' bho staid bhrònaich
Gu naomhachd, soilleireachd is eòlas.
 
27
Thigeadh na slòigh a chur ort fàilte,
Dhèanamh ùmhlachd dhut mar Shlàn'ghear.
Bidh sòlas mór am measg sìol Adhaimh -
Thàinig am Fear-saoraidh, thàinig.
 
28
Thig, a pheacaich, na biodh sgàth ort;
Gheibh na dh'iarras tu de ghràsan:
Ged bhiodh do chiontan dearg mar sgàrlaid,
Bidh d'anam geal mar shneachd' nan àrd-bheann.
 
29
Hosàna do Mhac Dhaibhidh,
Mo Rìgh, mo Thighearna 's mo Shlàn'ghear!
'S mór mo shòlas vbhith 'gad thàladh -
'S beannaichte am measg nam mnà mi

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page 1