Oir pheacaich na h-uile, agus tha
iad air teachd gearr air glòir Dhé.
Romanaich 3:23 Cha'n 'eil ionracan ann, cha'n 'eil
flù a h-aon: Cha'n 'eil neach ann a thuigeas, cha'n 'eil neach ann
a tha 'g iarraidh Dhe.
Tha an cridhe cealgach thar na h-uile
nithibh, agus tha e do'leigheas; cò is urrainn a thuigsinn?
Agus tha sinne uile mar ni truaillidh,
agus ar n-uile fhìreantachd mar luideig shalaich.
Chaidh sinne uile, mar chaoraich,
air seacharan; thionndaidh sinn, gach aon g'a shlighe féin.
Mur beirear duine a ris, urrain
e rìoghachd Dhé fhaicinn.
|
Thubhairt Iosa ris, Is
mise an t-slighe, agus an fhìrinn, agus a'bheatha: cha tig aon neach
chum an Athar ach tromhamsa.
Eoin 14:6 Agus cha'n 'eil slaìnte
ann an neach air bith eile fo nèamh air a thabhairt ammeasg dhaoine,
tre am faod sinn a bhi air ar tèarnadh.
Oir ge bìe neach
a choimheadas an lagh uile, agus a thuislicheas ann an aon àithne,
tha e ciontach de'n iomlan.
Tha slighe ann a chithear
dìreach le duine; ach is iad a crìoch slighean a'bhàis.
|
Oir is ann mar sin a ghràdhaich
Dia an saoghal, gu'n d'thug e aonghin Mhic féin, chum as ge b'e
neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu'm bi a'bheatha shìorruidh
aige.
Eoin 3:16 Chaidh sinn uile, mar chaoraich,
air seacharacn; thionndaidh sinn, gach aon, g'a shlighe feinò agus
leag an Tighearn' air-san aingidheachd gach aon dinn.
Oir rinn e esan do nach
b'aithne peacadh, 'n a ìobairt'pheacaidh air ar deanamh 'n ar fìreantachd
Dhé-annsan.
Oir dh'fhuiling Criosd féin
aon uair air son pheacaidhean, am fìrean air son nan neo-fhìrean,
(chum gu'n tugadh e sinne gu Dia) air dha bhi air a chur gu.
|
Is aithne do an Tighearna
na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach, a
choimhead gu là a bhreatheanais chum peanas a dheanamh orra.
2 Peadar 2:9 Oir a mheud 's gu'n d'fhuiling
e féin, air dha bhi air a bhuaireadh, is comasach e air cabhair
a dheanamh orra-san a tha air am buaireadh.
Air an aobhar sin, tha e
mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh'ionnsuidh Dhé trìdsan
a thèarnadh gu h-iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò
gu sìorruidh gu eadar-ghuidhe a dheanamh air an son.
Tha (dia) comasach air 'ur
gleidheadh o thuisleadh, agus 'ur cur gu neo-lochdach an làthair
a ghlòire le aoibhneas ro mhòr.
|
Mur dean sibhse aithreachas,
aithreachas, sgrios-ar sibh uile mar an ceudna.
CREID Creid anns an Tighearn'
Iosa Criosd, agus tearnar thu fein, agus do thigh.
AIDICH DO PHEACADH DO DHIA Oir is aon Dia a tha ann,
agus aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Criosd.
AIDICH ESAN AN LATHAIR DHAOINE Ma dh'aidicheas tu le d'bheul
an Tighearn' Iosa, agus ma chreideas tu ann do chridhe, gu'n do thog Dia
o na mairbh e, gu'n saorar thu. Oir is ann leis a' chridhe a chreidear
chum fireantachd, agus leis a' bheul a dh'aidichear chum slainte.
|