Bithibh Aotrom 's Togaibh Fonn


Be Merry and sing to the deeds of the Highlanders
Òran Do'n Chath Bhuidheann Dhònullaich
'N uair Bha iad Dol Do America
Luinneag
Séist
Bithibh eutrom 's togaibh fonn,
Éireadh ur chrìdhe 'n ur com,
Dìoladh a ghloine gu bonn,
Air slàinte 'nan sonn flathasach.

'S iad na Gàidheil a fhuair an cliù,
Riamh o'n chaidh iad a nunn;
Aca bha buinig gach cùis,
Rinn iad tùrn gun amharus.

Mhuinntir dh'an suaicheantas fraoch,
'S iad na gaisgich nach 'eil faoin;
'S mairg a thachradh air na laoich.
'N uair a théid caonnag chath orra.

'N uair a théid sibh sìos do'n bhlàr,
Le féili, 's le h-osan geàrr;
Bonaid bhreac an casadh àrd,
Cha 'n fhaod ur nàmhaid amharc ruibh.

Sud na gaisgich is fèarr gleus,
Anns a chòmrag nì iad feum;
'S ioma fear a dh'innseas sgeul,
Gur treun air cùl claidhe iad.

'S iad sud a bhuidheann gun uaill,
Dh'fhàs gu beothail, laidir, luath;
'N uair a bheir sibh arm a truaill,
Gu'n gearrar smuais, a 's cnaimhean leibh.

 
Tha ur claidhean guineach, geur,
Mar ealtuinn gu sgaiteach beur;
'S ann leo ghearrar am beum;
Cha'n éirich fear a luidheas leis.

Bha sibh luath làmhach 's a stri,
'N uair a ghluaiste sibh le spìd,
Rinn sibh buanach anns gach tìr,
Gu'n togte cìs gach latha leibh.

'S lìonar uasàl, aluinn, òg,
Dh'fhalbh, 's a ghluais do'n chinne mhór;
'S ge nach tig iad uile beò
Bu mhór an rath chatha bh' ac.

Tha sibh siobhaid ann an tlachd,
Tha sibh aoidheil, tha sibh ceart,
Tha sibh rìoghail, tha sibh pailt,
An cruadhas, an neart, an spracalachd.

Tha sibh socrach, tha sibh luath,
Tha sibh iochdar, gun ghruaim,
Tha sibh curanta, cruaidh,
Tha sibh duaismhór, foighidneach.

O fhuair sibh aodach a 's airm --
O fhuair sibh le onair gairm,
Na leigibh le h-aon diù meirg,
Ach deanaibh seirbhnis mathasach.


Another Song to the tune - The Gaelic Ball
 
Another Song to the tune - Song to Cape Breton
 
Return to Gaelic Songs
 
Return to main page
 
This page hosted by Geocity Icon | Get your own Free Home Page
1