Beagan bhliadhnachan an déidh do'n Bhàrd tighinn do
America bha bàl aig na Gàidheil an taigh Dhaibhidh Mhich
Mhuirich am Merigomish. Cha'n fhaodadh duine bhi aig a' bhàl ach
feadhainn a labhradh Gàidhlig. Thugadh cuireadh do'n Bhàrd.
Phàidh e a luchd cuiridh leis an òran seo a sheinn aig a'
bhàl. Fhuair mi an t-òran seo bho Ghilleasbuig MacGhilleathain 's an Eilean Mhór. 'S ann toiseach an Earraich 's a bhliadhna 1825 a bha am bàl ann. |
Séist: Bithibh aotrom 's togaibh fonn, Cridheil, sùnndach gun bhi trom, 'G òl deoch-slàinte na bheil thall, Ann an Tìr nam Beann 's nan Gleannaibh. 1 Fhuair mi sgeul a tha leam binn, Dh'ùraich gleus air teud mo chinn, 'S bidh mi nis a' dol 'g a sheinn, Ged tha mi 'sa choill am falach. 2 Gur h-e 'n sgeul a fhuair mi 'n dràsd, 'S a dhùisg m'inntinn suas gu dàn, Bhi 'gam iarraidh dh'ionnsaidh bhàil, Th' aig na Gàidheil tùs an Earraich. 3 'N uair a théid an comunn cruinn, Bidh iad sìobhalta le loinn, Cliùiteach, ciallach, fialaidh grinn, 'S bheir iad coibhneas do fhear aineoil. 4 'N uair a shuidheas iad mu 'n bhòrd, Bheir iad tacan air an òl, 'S fiodhull theud bho 'n gleusar ceòl, Cur nan òganach 'nan deannaibh. 5 Cha bhi sgrùbaireachd mu 'n chlàr, Ann an cuideachda mo ghràidh, Aig a bheil an inntinn àrd, 'S nach gabh tàmailt bho na Gallaibh. 6 'N uair a théid an fhiodh'l 'na tàmh, Bheir iad treis air cainnt nam bàrd, Dhùisgeas fonn deo-throm 'nan càil, Anns a' Ghàidhlig is glan gearradh. 7 Chànain ghasda, bhlasda, bhinn! 'S i bha 'n cleachdadh aig na suinn, Dhearbh an gaisge 'm feachd an rìgh: 'S iomadh tìr 's an d'thug iad deannal. 8 Luchd nam breacan bha 's gach àm, Fuasgailteach an strì nan lann: 'N uair a ghluaiseadh iad bho 'n chàmp, Chuirte 'n ruaig, 's bu teann an leanachd. |
9 'S ann ac' fèin tha 'n t-éideadh grinn! Breacan guaille, féile cuim, Osan geàrr mu 'n chalpa chruinn, 'S boineid ghorm os ceann na mala. 10 Stàilinn ghlas, mar ealtainn giar, Chleachdadh anns na baiteil riamh, Leis na gaisgich nach tais fiamh, 'S nach biodh riamalach a' tarruing. 11 Bha iad fìrinneach gun fhoill, 'N àm dol sios is pìob 'ga seinn: Rùisgteadh brataichean ri croinn, Aig na saighdearaibh nach mealladh. 12 'S bho'n a chinn sibh féin o'n dream, Dh'àraicheadh fo sgéith nam beann, Bhuannaich anns an Eiphit geall, 'S a chuir Frangaich as an t-sealladh. 13 Ged tha sibh an Tìr nan Craobh, Cuimhnichibh air beus nan laoch! Leòghainn bhorb bu ghairge fraoch; 'S iad nach aomadh as a' charraid. 14 Ged tha sibh an Albainn Uir Caithibh an oidhche le sùnnd: 'S an deoch-slàinte thig air tùs, Olaidh sinn gu grùnnd, gach fear i. 15 Olaibh air na Gàidheil threun, Rachadh acfhuinneach air ghleus, 'S a tha fuasgailteach gu feum; Sealgairean air féidh 's na beannaibh. 16 Soraidh bhuam do 'n t-sluagh an nùll Tha 's an tìr 's an robh mi 'n tus.---- 'S tric a dh'fheuch iad bàt' fo shiùil, 'S iad 'ga stiùradh dh'ionnsaidh cala. 17 Bho nach ruig sinn orra 'n dràsd, Lion a chuach a suas fo stràic, 'S cuir mu 'n cuairt i nuas gun dàil. Ann an onair àrd nam fearaibh. |